Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar nàiseanta bho @bbcnaidheachdan. Local, national & international sports news from BBC Gaelic. Retweets are not endorsements.

Joined April 2012
BBC Spòrs Gaelic retweeted
⚽️Bidh sinn air ais a-màireach le barrachd ball-coise beò bho Serie A le Atalanta a’ cur fàilte air Napoli. ⚽️We're back tomorrow with more live football from Serie A as Atalanta welcomes Napoli. Beò aig 1:50f air BBC ALBA!📺 Live at 1:50pm on BBC ALBA!📺
5
15
3,020
BBC Spòrs Gaelic retweeted
Watch Serie A LIVE on BBC ALBA! Torino v Bologna Dìdòmhnaich 15.02.26 16:50 - KO 17.00 #SerieA #HomeOfCalcio #Torino #Bologna #Gàidhlig #spòrs @BBCSport @BBCScotland @BBCSpors
7
3
12
4,705
BBC Spòrs Gaelic retweeted
Tha coltas glè mhath air an t-sìde aig pàirce Hampden feasgar an-diugh airson a' ghèam eadar Alba agus A' Ghrèig aig 5.00f. Ged a bhios i gu math sgòthach, tha còir gum mair i tioram agus bi a' ghaoth gu math socair cuideachd. Gur math a thèid dha na gillean 👏 Derek⚽️
2
4
257
Dh'innis luchd-rianachd Chaley Thistle nach deach tairgsean sam bith a dhèanamh airson an cluba a cheannach is gu bheil ICT a-nise "ann an cunnart mòr". bbc.in/4bY44dB
2
4
217
Ghabh faisg air 20,000 duine pàirt ann am farpaisean HYROX ann an Glaschu thairis air na còig làithean mu dheireadh. Seo Calum MacIllinnein. bbc.in/42akAnv
1
2
296
Tha Caol Bhòid an aghaidh Camanachd an Òbain am measg nan geamaichean a thàinig às an aid ann an taghadh Chupa na Camanachd is àrd-oifigear ùr an CA, Ruari Davidson, air bhioran. Tuilleadh air #AithrisanFheasgair aig 5f agus #AnLà aig 8f. @BBCSpors bbc.in/41EIcAN
2
3
368
Bidh an taghadh ann an Inbhir Nis madainn a-màireach 'son ìrean tràtha Chupa na Camanachd. Gheibh sibh am fiosrachadh air fad mar a thachras e aig bbc.co.uk/naidheachdan bho 10:00m a-màireach is an taghadh fhèin a' tòiseachadh dìreach às dèidh 11:00m @BBCSpors @camanachd
3
3
382
BBC Spòrs Gaelic retweeted
Aithris bhideo - Tha cuid de sgoilearan aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith a' dèanamh cùrsa air rèitearachd ball-coise, far am faigh iad teisteanas agus cothrom cosnaidh. bbc.in/3WNEH7Z
2
1
2
1,068
Tha rèis rothaireachd an 'Strathpuffer' a' dol air adhart an-duigh, le còrr is seachd ceud neach a' farpais 'san t-sneachd. Mairidh an rèis ceithir uairean fichead.
5
15
906
BBC Spòrs Gaelic retweeted
Tha Ross County air fear-aghaidh ùr a thoirt a-steach bho Huddersfield Town. @BBCSpors bbc.in/3W8k5XS
1
1
322
Ceannais ùr, ach an aon fheallsanachd. Sin an teachdaireachd a tha a' tighinn bho ionad eacarsaich "Curves" ann an Inbhir Nis a tha do bhoireannaich a mhàin. bbc.in/403s2jB
4
6
400
Fosglaidh Ionad Spòrs Loch Aillse - a th' air a bhith dùinte cha mhòr bliadhna - a-rithist anns a' Bhliadhn' Ùir. bbc.in/3O1buBU
1
1
211
Thuirt àrd-choidse Chaley Thistle gu bheil an cluba air fad air "togail mòr" fhaighinn às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 2-1 air Cove Rangers aig an deireadh-sheachdain. @BBCSpors bbc.in/3O0w6Kq
1
2
302
BBC Spòrs Gaelic retweeted
An luchd-rianachd aig Caley Thistle Inbhir Nis ag ràdh gu bheil còrr air 20 buidheann no neach air ùidh a nochdadh anns a' chluba. bbc.in/40yZhvE
1
1
308